Caithness Map :: Links to Site Map Great value Unlimited Broadband from an award winning provider  

 

A' Chomhairle A' Togail Cheanglaichean Le Sgoil Ghàidhlig Ann An Ceap Breatainn

17th September 2021

Tha Buill Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd an-diugh (16 Sultain) air an deagh dhùrachdan a chur gu coimhearsnachd sgoile ùir ann an Siorrachd Inbhir Nis, Alba Nuadh.

Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Calum Rothach: "Tha ceanglaichean domhainn is daingeann air a bhith eadar Alba Nuadh agus a' Ghàidhealtachd airson iomadh bliadhna agus tha Comhairle na Gàidhealtachd fìor thoilichte cluinntinn gun deach sgoil ùr Foghlam tron Ghàidhlig a stèidheachadh ann am Mabou, Ceap Breatainn.

English Version Further Down This Page.

"Tha sinn dha-rìribh a' guidhe gach soirbheas do sgoilearan, pàrantan is luchd-obrach Taigh Sgoile na Drochaide agus iad a’ tòiseachadh air an t-slighe aca ann an sgoil ùr FtG agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ togail cheanglaichean leis an sgoil anns na mìosan is na bliadhnaichean air thoiseach."

Thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad, tha buidheann de phàrantan is de bhuill coimhearsnachd le ùidh sa Ghàidhlig air tighinn còmhla gus a’ chiad sgoil le bogadh sa Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Ameireaga a Tuath.

Le clas co-mheasgaichte de dh’oileanaich ìre/clas a h-aon clàraichte mar-thà, tha Taigh Sgoile na Drochaide suidhichte ann am Mabou, Siorrachd Inbhir Nis.

Chaidh ‘Meòrachan Tuigse’ aontachadh is a shoidhnigeadh eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas Roinneil na h-Albainn Nuaidhe ann an 2002. Tha am Meòrachan Tuigse a’ toirt bun-stèidh airson grunn iomairtean cultarail eadar an dà àite.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Thaigh Sgoile na Drochaide air https://taighsgoile.ca/ (external link)

Council to forge links with Cape Breton Gaelic School

Members of The Highland Council’s Gaelic Committee have today (16 September) extended their well wishes to a new Gaelic school community in Inverness County, Nova Scotia.

Chair of the Council’s Gaelic Committee, Cllr Calum Munro said: “Deep and binding ties between Nova Scotia and the Highlands have existed for many years and The Highland Council is delighted to hear the news of the successful establishment of a Gaelic Medium school in Mabou, Cape Breton.

“We sincerely wish pupils, parents and staff of Taigh Sgoile na Drochaide every success as they begin their journey in a new Gaelic Medium school and we look forward to forging links with the school in the months and years ahead."

Over the last two years, a group of parents and interested community members have come together to establish the first Gaelic immersion school in North America.

With a combined grade primary/one class of students already enrolled, Taigh Sgoile na Drochaide is situated in Mabou, Inverness County.

A ‘Memorandum of Understanding’ (MOU) agreement was signed between The Highland Council and the Provincial Government of Nova Scotia in 2002. The MOU provides the basis for a variety of cultural initiatives between the two areas.

For further information on Taigh Sgoile na Drochaide visit https://taighsgoile.ca/